Gleann Afraig

Gleann Afraig an iar, Mullach Fraoch-choire, A' Chiste Dhubh agus Beinn Fhada
Gleann Afraig an iar agus Beinn Fhada

'S e Gleann air Gàidhealtachd na h-Alba a th' ann an Gleann Afraig. Tha e mu 31km de dh'fhaid agus tha e na shìneadh bhon ear dhan iar eadar Canaich agus Cam Bàn ann an Cinn Tàile. Tha Loch Afraig anns a' ghleann agus tha Abhainn Afraig a' sruthadh ann.

'S e gleann ainmeil a th' ann airson a cuid bòidhchid, agus thèid mòran daoine a choiseachd ann. Dh'fhaodadh coiseachd tron ghleann air fad air Slighe Gleann Afraig - Cinn Tàile air neo tha cothroman ann Beanntan Rothaich a shreap, mar eisimpleir Toll Creagach, Tom a' Chòinnich, Càrn Eige, Màm Sodhail, An Socach agus Sgùrr nan Ceathramhnan.

Tha ostail òigridh iomallach anns a' ghleann agus chan fhaighear thuige ach air cois no air an rothair. Tha bothan aig Cam Bàn.


Developed by StudentB